Bothan Dhùn Èideann Presents

(Fri 2 Feb: 6:30pm)
Bothan Dhun Eideann a’ toirt seachad oidhche shònraichte de cheòl le taic bho Oilthigh Dhùn Èideann & An Comunn Gàidhealach. Am mìos seo bidh am bothan aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba, le sreath de luchd-ealain tàlantach Màiri Challan, Laura Robastan, Seumas Greumach, Alice Nic a’ Mhaoilein agus caraidean!
Bidh am bàrd Màrtainn Mac an t-Saoir na fhear an taighe againn. ‘S e oidhche air leth a bhios e gu cinnteach, dèan cinnteach gun tig siubh ann!
'S e seinneadair, clàrsaiche agus sgrìobhaiche-ciùil a th' ann am Màiri Challan, a dh'fhàs suas anns na h-Eileanan Siar. Tha i air a tuigse dhùthchasach air dualchas nan òran Gàidhlig a cheangal le dòighean guth clasaigeach. Choisinn i Bonn Òr a’ Chomunn Ghàidhealaich ann an 2021 agus bhon uair sin tha i air seinn aig tachartasan leithid Celtic Connections agus air Alleluia BBC Alba.
‘S e pìobaire agus seinneadair Gàidhlig às a’ Ghearasdan a th’ ann an Laura Robastan, a tha air iomadh duais a chosnadh aig an MOD thar nam bhliadhnaichean, a bharrachd air a bhith a’ tòiseachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann, ann an teagasg Gàidhlig.
Tha an seinneadair agus neach-ciùil Seumas Greumach, a bhuineas do Loch an Inbhir, gu math soirbheicheal ann an saoghal a’ chiùil Ghàidhlig. Tha e air a bhith na phàirt de chòmhlain is phròiseactan thar a bheatha. Bho 2020 tha e leis an dreuchd Àrd Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
‘S e Alice Nic a’ Mhaoilein seinneadair Gàidhlig às an Rubha, Leòdhas, a bhuannaich Bonn Òr Traidiseanta 2022. Tha i air bonn agus duaisean air a buanachadh ann an Alba agus dùthaich eile, is le sin agus an teaghlach soirbheachail aice, tha i na cuideigin airson sùil a chumail air.
Tha tachartas na mìos seo mar phàirt den tachartas deireadh-seachdain Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, aig a bheil tòrr rudan iongantach eile ri fhaicinn.
~~~~~~~~~~
Bothan Dhun Eideann presents a special night of music in association with The University of Edinburgh & An Comunn Gàidhealach. This month am bothan will take place at the Scottish Storytelling Centre, with an incredible line of talented artists and University of Edinburgh Gaelic Poet in Residence Martin McIntyre as MC. It is sure to be a fantastic night, so make sure to come along!
Màiri Challan is a singer, harpist and composer who grew up in the outer hebrides. She combines her innate understanding of the Gaelic song tradition with classical voice techniques, has won the ‘An Comunn Gàidhealach’ Gold Medal in 2021 and has since performed at events such as Celtic Connections and on BBC Alba’s Alleluia.
Laura Robastan is a piper and Gaelic singer from Fort William, who has won many awards at the MOD over the past few years, as well as beginning her studies at the University of Edinburgh in Gaelic Teaching.
Singer and musician Seumas Greumach, hailing from Lochinver, is a leading force on the Gaelic music scene having been part of numerous bands and projects over the span of his career. Since 2020 has taken up the role of Chief Officer of an Commun Gàidhealach.
2022 Traditional Gold Medal winner Alice Nic a’ Mhaoilein is a Gaelic singer from Point, Lewis who has won numerous awards both in Scotland and abroad for her singing.
This month’s event is part of the weekend event Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, which has many other amazing events to check out.
This event is ticketed on a Pay What You Can basis. Please select the amount that you wish to pay below. All profits will go towards the Bothan Dhùn Èideann 20th anniversary celebrations in June 2024.